Fainich Mhór Nam Beanntan Arda

[Fonn / Tune]



Fàinich mhór nam beanntan àrda,
Muime dh'àraich an damh siùbhlach,
'S duilich leam an diugh do chàramh,
Bho'n a chuir an làn-damh cùl riut.
Fàinich mhór nam beanntan àrda.

Cha b'e tuath 'thug oirre d'fhàgail,
Ach an gràineachadh le bataibh;
Dubh-ghoill agus coin 'gar fuadach,
Is 'gar ruagadh air gach bealach.
Cha b'e tuath 'thug oirre d'fhàgail.

Molachd air na caoraich riabhach,
Is air a' chiad fhear 'thug an taobh-s' iad;
'S truagh a rìgh! nach d'thàinig crioch air
Mu'n d'thàinig e riamh an dùthaich.
Molachd air na caoraich riabhach.

C'àit' an cualas 'sa Roinn-Eòrpa --
Measg gach inneal-ciùil is òrgan --
Ceòl cho binn le sealgair seòlta
N'an damh donn 's e 'seinn a chrònain.
C'àit' an cualas 'sa Roinn-Eòrpa.

Trompaid a thogadh mo chridhe,
Fuaim do chléibh 's tu seideadh rithe,
'S mise tarruing anns an uidhe;
Chuirinn bonn an geall do righeadh.
Trompaid a thogadh mo chridhe.