Fath Mo Mhulaid I Bhi Thall

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Fàth mo mhulaid i bhi thall,
Fàth mo mhulaid i bhi ’m Muile;
Rìbhinn lurach nan rosg mall,
Fàth mo mhulaid i bhi thall.


An sgeula fhuair mi fhìn o’m leannain,
Chuir i allaban ’nam cheann.

Cha chum fairge theann no sìon mi,
Ruigidh mi mo nìghneag thall.

Muir is monadh cha bu chruas leam,
Rinn mi gluasad ’s cha b’ann mall.

Ged ’bha sneachd ’is reothadh cruaidh ann
Ghabh mi ’n cuan thar bhàrr nan tonn.

’S iad luchd tuaileis, fuath, is bhreugan
Thog an sgeul nach b’éibhinn leam.

Mìle marbhphaisg air luchd nam breugan,
’S ioma euceart ’thig nan ceann.

Their an t-aosd’ mu ghaol na h-òige
Gur e gòraiche a th’ann.

Ach a dh’aindeoin dé their daoine
Cha robh ’n t-saothair ud gu m’chall.

Tillidh mi gu tìr a dùthaich
’S bidh sinn sunndach anns a’ ghleann.

Théid mo mhulad-sa air fuadach
Nuair a bhios mo luaidh rium teann.