Fear A’ Bhàta

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Fhir a’ bhàta, na hò ro éile,
Fhir a’ bhàta, na hò ro éile;
Fhir a’ bhàta, na hò ro éile,
Mo shoraidh slàn leat ’s gach àit ’s an téid thu.


’S tric mi sealltuinn o’n chnoc as àirde,
Dh’fheuch am faic mi fear a’ bhàta,
An tig thu ’n diugh, no ’n tig thu ’màireach,
’S mur tig thu idir, gur truagh a tha mi.

Tha mo chridhe-sa briste, brùite;
’S tric na deòir a’ ruith o’m shùilean;
An tig thu ’n nochd, no ’m bi mo dhùil riut,
No ’n dùin mi ’n dorus, le osna thùrsaich?

’S tric mi foighneachd de luchd nam bàta,
Am faic iad thu, no ’m bheil thu sàbhailt’;
Ach ’s ann a tha gach aon dhiubh ’g ràitinn,
Gur gòrach mise, ma thug mi gràdh dhuit.

Gheall mo leannan dhomh rùn de’n t-sìoda,
Gheall e siud agus breacan rìomhach;
Fàinn’ òir anns am faicinn ìomhaigh,
Ach ’s eagal leam gu’n dean e dì-chuimhn’.

Thug mi gaol dhuit ’s chan fhaod mi àicheadh,
Cha ghaol bliadhna, is cha ghaol ràithe,
Ach gaol a thòisich nuair bha mi ’m phàisde,
’S nach searg a chaoidh, gus an claoidh am bàs mi.

Bidh mi tuille gu tùrsach, deurach,
Mar eala bhàn ’s i an déidh a reubadh;
Guileag bàis aic’ air lochan feurach,
Is càch gu léir an déidh a tréigsinn.