Fear A' Choire

[Fonn / Tune]



Tha fear a' Choire fiadhaich,
Tha fear a' Choire danarra,
Tha fear a' Choire fiadhaich
'S bu riamh dha bhith ann an sin.


[Séisd:]
U bhìl, fear a' Choire,
U bhìl, coma leam dheth;
U bhìl, fear a' Choire,
Bidh na coin an comaidh ris.


'S e fear a' Choire dh'fhaodadh,
'S e fear a' Choire b'urrainn sin;
'S e fear a' Choire dh'fhaodadh,
Bhith 'n gaol ris a h-uile té.


Tha fear a' Choire 's maoil air,
Tha fear a' Choire 's currac air,
Tha fear a' Choire 's maoil air,
A' daoradh a h-uile rud.

Rinn e taigh an Laoras,
Rinn e taigh an iomadh àit';
Rinn e taigh an Laoras
'S fear eile 'n Camus Fhionnairigh.