Fear a' Bhreacain Uaine

[Fonn / Tune]



Shuidh mi air cnoc 's chìr mi mo ghruag ann,
Chìr mi bun is bàrr a' chuailein,
Hill ù hill ò h-ro bha hò,
Hill ù hill ò ro eile.

Chìr mi bun is bàrr a' chuailein,
Sùil g'an d'thug mi thar mo ghuallainn.
Hill ù hill ò, [srl.]

Chunna mi 'tighinn na h-uaislean;

Dé ma bha! Cha robh mo luaidh-s' ann.

Cha robh fear a' bhreacain uain' ann.

Cha robh, a ghaoil, gu'm b'fhada uam thu.

Chaidh thu 'shealltuinn air a' ghruagaich,

O'n is ise 's mo buaile.

'S mis' is càirdeach do na h-uaislean,

A dhìreas 's a theàrnas crualaich

Le'n gunnaichean air an guaillean',

A dhol a shealg na h-éilde ruaidhe.

'S gur diùmbach mi do'n mhnaoi a fhuair thu;

'S gur e mi fhìn bu mhó luaidh ort

Do na chunna', no chì, no chualas.