Fear Na Fiasaig' Ruaidh

[Fonn / Tune]



Chaidh mise Di-Màirt do na stòraichean,
Chunna mi an té ann nach b'eòlach mi,
Ribeanan 'n a gruaig
'G a teannachadh suas,
Fighe nan trì dhual
Mar an ròp oirre.

Bha fàinneachan grinn air a meòirean,
Bha paidearan de ghrìogagan òmair oirr';
Thuirt mise rium fhéin,
"Ged gheibhinn Ceann Tìr,
'S ged gheibhinn na mìltean,
Cha chòrdamaid."

Chunnaic mi Di-Dòmhnaich 's a' chòmhlan thu,
Bha “top gallant” shuas air an sgòd agad --
'S e 'n t-iasad a bh'ann,
A chaidh cheannach thall
Ann an Tròndairnis.

Bean-cheannaich a' Chinn Shuas, saoil nach neònach leat,
Chunnaic i fear ruadh, agus feòsag air,
Labhair i 'n a cainnt,
'S i cur càr 'n a ceann,
"Nam biodh agam an sporag
Ròsdainn i."

Labhair i 's a' chànain 's am b'eòlach i,
Shaoil i gum b'e Gall a bha còmh' rithe;
"Fear na fiasaig ruaidh'
Eadar a dhà chluais,
'S mór gu'm b'fheàrr i luath
A chur còmh' rithe!"

Cha do ghabh mi fearg no droch nòisean riut,
Ged thuirt thu, gu dearbh, nach bu bhòidheach mi;
Ach nam biodh tu fhéin
Cho taitneach d'a réir,
Chuirinn thu do'n treud
Sin bu mhóralaich!

Ged labhair thu tàireil measg d'eòlaich orm,
Dheanainn riut nas fheàrr na tha còir agam;
Chuirinn thu do'n Spàin,
Do “nunnery” a' Phàp',
Far am biodh na pàisdean
Bu bhòidhche dol.

Dh'ionnsaicheadh tu seinn air na h-òrganan,
Dh'ionnsaicheadh tu danns' air na h-òrdagan;
Dh'ionnsaicheadh thu gach nì
Tha buileach 'g a d'dhìth,
'S bhi modhail ris na daoin'
Air nach eòlach thu.

Cha chan mi dad ri d'mhàthair, chan eòlach mi,
No idir ri d'athair, 's duine còir a bh'ann;
Ach canaidh mi riut fhéin,
Gu bheil thu 'n a d'bhéist,
Nuair chuireadh tu éibheall
Air fiasaig fir!

Nam faighinn thu leam fhéin ris an t-seòl'daireachd,
Chumainn ris an fhuaradh an còmhnuidh thu;
Chumainn thu 'n a d'dheann,
Greasad bhos is thall,
Gu rachadh do cheann
Ann am bòilich ort.

Chumainn thu ri haoiseadh is lòbhraigeadh,
Chumainn thu ri hìbheadh nam bombaichean;
Chumainn thu aig an ailm,
Gus am biodh an stoirm,
Cur astaigh na fairge
'N a dòrtadh ort.

'S ann 's fheàrr do chur air falbh le Ricòbhan,
Seachad air an fhairge gu Steòrnabhagh;
Far eil bathar saor,
Ribeanan is cìr --
Sud an rud tha dhìth
Air na h-òinnsichean.