Fonn Air Mo Mhàiri Laghaich

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Fonn oirre, féill oirre,
Fonn air mo Mhàiri laghaich,
Fonn oirre, féill oirre.


Fonn oirre nuair thig an oidhche,
Féill oirre nuair thig an là.

Comhairle dh'fhear a nì an t-suirghe,
E bhith cuimhneach air an latha.

Mu'n crath an coileach a sgiathan
E bhith 'g ialaidh ris na fraighibh.

Air eagal 's gun tig an tòir ort,
Fàg do bhrògan air an rathad.

Cum an triùir ud far an rathaid --
An coire, an drola, 's am bula.

Ged a bhristeadh tu do luirgnean,
As na fuirm, na bi 'ga labhairt.

Bruidhinn beag is coiseachd fàilidh,
Mu'n cluinn mo mhàthair thu, 's m'athair.