Framboise Mo Ghràidh
[Fonn / Tune]
Framboise mo ghràidh, an t-àite tha urramach,
Bha mi 'nam phàisde air bràigh nam bruthaichean;
Daoine làn bàigh is gràidh gun uireasbhuidh,
'S math leam bhi fuireach nan còir.
Daoine làn stuaim, gur uasal a' chuideachd iad,
'Nan suidhe air cliath-luaidhe -- b'e mo mhiann a bhi cuide riu;
Òigridh làn stuaim bheireadh fuaim air luinneagan,
'S iad chuireadh an tuar air a' chlò.
Lochanan cho sàmhach, làn do dh'eileanan,
Làn faoileagan bàn le 'n àl cho eireachdail,
Smeòrach mo ghràidh air cnoc àrd ri ceilearadh,
B'eireachdail éisdeachd ri cheòl.
Nuair thig oirnn Céitean, mìos tha cho eireachdail,
Eòin bheag na coille cho binn ri ceilearadh,
An dealt air tighinn trom air bhàrr nan duileagan,
A' ghrian 's i boillsgeadh na glòir.
Chì mi Loch Cam 'tighinn a-nall bho na rudhaichean,
Dachaidh nan seòid bha còmhnaidh 's na bruthaichean,
Far an tric bi an òigridh seinn ceòl is luinneagan,
Nach truagh nach do dh'fhan sibh nan còir.