Fuadach nan Gàidheal


[Fonn / Tune]


Gur a mise tha tùrsach,
A' caoidh cor na dùthcha,
'S nan seann daoine cùiseil
Bha cliùiteach is treun;
Rinn uachdarain am fuadach,
Gu fada null thar chuantan,
Am fearann chaidh thoirt uapa,
'S thoirt suas do na féidh.

'S e sud a' chulaidh-nàire,
Bhi faicinn dhaoine làidir
'G am fuadach thar sàile
Mar bhàrrlach gun fheum;
'S am fonn a bha àlainn
Chaidh chur fo chaoirich bhàna,
Tha feanntagach 'sa ghàradh
'S an làrach fo fheur.

Far an robh móran dhaoine
Le 'm mnathan 'us le 'n teaghlaich,
Chan eil ach caoraich-mhaola
Ri fhaotainn 'san àit';
Chan fhaicear air a' bhuailidh
A' bhanarach le buarich,
No idir an crodh guaillfhionn,
'S am buachaille bàn.

Tha 'n uiseag anns na speuran,
A' seinn a luinneig ghleusda,
'S gun neach ann 'g a h-éisdeachd
Nuair a dh'éireas i àrd;
Cha till, cha till na daoine
Bha cridheil agus aoibhneil,
Mar mholl air latha ghaothaidh
Chaidh 'n sgaoileadh gu bràth.