Faill Ill O Ro, Faill Ill O
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Faill ill ó ro, faill ill ó,
Faill ill ó ro eileadh;
Hi rìthill ù thill agus ó
’S na hug ì ó ro eileadh.
Gur mise tha gu muladach
Air m’uilinn is mi ’g éirigh;
Gaoth an ear a’ gobachadh
’S cha b’e mo thogairt fhéin e.
Gaoth an ear a’ gobachadh
’S cha b’e mo thogairt fhéin e;
Gaoth an iar a b’aite leinn
Is lasan oirr’ ag éirigh.
Gaoth an iar a b’aite leinn... [srl.]
Nan tigeadh am bàta
Dha’m b’àbhaist a bhith treuna.
Tighearn’ òg na tìr oirre --
A Rìgh ma dh’éireas beud dha.
Uachdaran na dùthcha,
Gu bheil mo dhùrachd fhéin dha.
Guidheam fallain dhachaidh dhut,
Gu d’aitreabh ann an Sléite.
Far a bhios na fìdhlean
’S na pìoban ’gan gleusadh.
Far am bi na h-ighneagan,
Bu bhinn leam bhith ’gan éisdeachd.
Far am bi na gillean òg’,
As bòidhche thig ’nan éideadh.
Cas as deis’ air ùrlar
An àm a’ chiùil a ghleusadh.
’S iomadh òigear furanach
Glan fulangach le féileadh.
A dh’éireadh leat, a Dhòmhnaill,
Nan tigeadh tòir air Seumas.
Dh’éireadh Mac Mhic Ailein leat,
’S Gleann Garaidh leat mar chéile.
Agus dh’fhàgainn-sa mo dhùthaich
Air chùmhnantan bhith réidh riut.
’S rachainn fada fada leat,
A Ghlaschu no Dhùn Eideann.
As a sin a dh’Uibhist leat,
’S gum biodh an turas eutrom.