Ged Tha Lachlann Math 'S Na Caoil

[Fonn / Tune]



Ged tha Lachlann math 's na caoil,
'S fheàrr leis a bhith 'n tìr an fhraoich;
Far a faic e bean a ghaoil
An taigh a' Mhaoir an Lingreabhagh.

Ann an taigh an duine còir,
Far am faight' am biadh 's an fheòil,
Gheibhte siud 's a chuile seòrs'
Nuair dhe'dh am bòrd a chuibhreagadh.

Ach ged tha Lachlann 's Iain grinn
'S dath na gréineadh air an cinn,
Cheangailinn-sa cho math riubh snaidhm
Na faighinn teann fo m'ingnean e.

Nuair a sheòl sinn as an Fhraing,
Sneachd bàn air bhàrr nam beann;
Nuair a gheàrr i 'n cuan a-nall
Cha bheireadh meann na frìth oirre.

Nuair ràinig sinn Eilean Bhòid
Am measg luingeis dha gach seòrs',
Cho luath 's a bhuail an cidh' a sròn
Gun tug na seòid an tìr orra.

Fàgail Chamelton Di-Luain
Dol a Steòrnabhagh le gual,
Nuair a thug sinn i mu'n cuairt
Bha 'Mhaoil an uair sin mìltean as.