An Gille Dubh Ciar-Dubh
[Fonn / Tune]
Cha dìrich mi bruthach, 's cha siubhal mi mòinteach,
Dh'fhalbh mo ghuth cinn 's cha seinn mi òran;
Cha chaidil mi uair o Luan gu Di-Dòmhnaich;
'S mo ghille dubh ciar-dubh a' tighinn fo m'ùidh,
'S mo ghille dubh ciar-dubh a' tighinn fo m'ùidh.
Is truagh nach robh mise 's an gille dubh ciar-dubh
An aodainn na beinne fo shìleadh nan siantan;
An lagan beag fàsaich no'n àiteigin dìomhair,
'S cha ghabh mi fear liath 's tu 'tighinn fo m'ùidh,
'S cha ghabh mi fear liath 's tu 'tighinn fo m'ùidh.
Mo ghille dubh bòidheach, ge gòrach le càch thu,
Dhèanainn do phòsadh gun deòin do mo chàirdean;
Is shiùbhlainn leat fada feadh lagan is fhàsach,
'S cha ghabh mi fear liath 's tu 'tighinn fo m'ùidh,
'S cha ghabh mi fear liath 's tu 'tighinn fo m'ùidh.
Is luaineach mo chadal o mhaduinn Di-ciadain,
Is bruaileannach m'aigne mur furtaich thu, chiall, orm,
'S mi 'n raoir air dhroch leaba, chan fhad gus an liath mi;
'S an gille dubh ciar-dubh a' tighinn fo m'ùidh,
'S an gille dubh ciar-dubh a' tighinn fo m'ùidh.