Griogal Cridhe
[Fonn / Tune]
'S iomadh oidhche fhliuch is thioram,
Sìde nan seachd sian,
Gheibheadh Griogal dhomhsa creagan,
Ris an gabhainn dìon.
[Séisd:]
Òbhan, òbhan, òbhan i ri,
Òbhan i ri ò,
Òbhan, òbhan, òbhan i ri,
'S mór mo mhulad, 's mór.
Dhìrich mi dhan t-seòmar mhullaich,
'S theirinn mi 'n taigh-làir,
'S cha d'fhuair mise Griogal cridhe
'Na shuidhe mu'n chlàr.
Eudail mhóir a shluagh an Domhain,
Dhòirt iad t'fhuil an dé,
'S chuir iad do cheann air stob daraich
Tacan beag bho d'chré.
B'annsa bhi le Griogal cridhe
Teàrnadh chruidh le gleann,
Na le Baran mór na Dalach,
Sìoda geal mu m'cheann.
Chan eil ùbhlan idir agam,
'S ùbhlan uil' aig càch,
'S ann tha m'ùbhlan-s' cùbhr' ri caineal,
'S cùl an cinn ri làr.
Nuair a bhios mnàthan òg a' bhaile,
Nochd nan cadal sèimh,
'S ann bhios mis' air bruaich do lice,
'Bualadh mo dhà làimh.