’Ghruagach Dhonn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
’Ghruagach dhonn a’ bhroillich bhàin,
’Chum a’ chòmhdhail rium Di-màirt;
’Ghruagach dhonn a’ bhroillich bhàin,
Guma slàn a chì mi thu.


’Ghruagach dhonn gun ghò, gun fhoill,
’Chum a’ choinneamh rium an raoir,
Bha mi còmhradh riut ’sa choill,
Sinn ann an caoimhneas diomhaireach.

Rinn mi coinneamh riut glé òg,
Ann an coille dhlùth nan cnò.
’S binne leam do ghuth na ceòl,
’S tha do phòg mar fhigis leam.

Cha b’ann le éiginn no cùis chruaidh,
A fhuair mis’ a’ phòg ud bhuait,
Ach le caidreamh séimh gun ghruaim,
Gu soitheamh, suairce, sìobhalta.

Mhaighdeann, na biodh ortsa gruaim,
Ged a shéideas a’ ghaoth tuath,
Tha ’cuid bhòrd ro-làidir, cruaidh,
’S a ghruagach, na biodh mi-ghean ort.

Guma fallain ’s guma slàn,
Do’n té rinn còmhdhail rium Di-màirt,
Iarguin m’aigne ’s m’airtneul phràmh;
’S mo chion-gràidh da-rìreadh thu.