Gur Moch Rinn Mi Dùsgadh

[Fonn / Tune]



Gur moch rinn mi dùsgadh ’san ùr mhaduinn Chéit’,
’S a dhìrich mi ’m bruthach gun duin’ ach mi fhéin;
Tha ’ghrian air a turus a’ siubhal troimh ’n speur,
’S dealt na h-oidhche a’ tùirling thar ùr-dhos nan geug.

A’ dìreadh an aonaich ri aodann a’ chùirn,
’S binn torman a’ chaochain a’s aoidheala bùrn,
Le ’ròis air gach taobh dheth ag aomadh fo’n drùchd,
’S e ri deàrrsadh na gréine ag éiridh ’na smùid.

’S binn na h-eòin feadh nam preasan gu leadarra seinn;
Tha ’n uiseag làn sòlais ri ceòl os mo chionn;
Na ba-laoigh anns a’ gheumnaich air an réidhlean ud thall,
’S mac-talla nan creagan ’gam freagairt air ball.

’S àluinn trusgan a’ ghlinne suas ri binnean nan stùc;
’S cùbhraidh boltrach nan luibhean ’nam chuinnein mar thùis;
Ged ’s bòidheach gach doire anns a’ choillidh ’s a’ bhrùchd,
Ged tha ’m barrach cho ùrail cha dùisg e mo shunnd.

An-seo air faobhar a’ mhullaich gur muladach mi,
Ceann-aobhair mo thuiridh leam gur duilich r’a ìnns’;
Nach dìrich mi tuillidh ri munadh ’san tìr,
Nach dèan mi cùis-ghàire ’n gleann àillidh mo chridh’.

Bheir mi sùil thar a’ bhealaich air na beanntan mu’n cuairt;
Seo an sealladh mu dheireadh air gach gleannan is bruach;
A’ fàgail leibh beannachd, ’n àm dealachadh bhuaibh,
A’ tearnadh an aonaich ’s iad mo smaointean tha truagh.