Gur Trom, Trom Mo Cheum

[Fonn / Tune]



O, gur trom, trom mo cheum
O'n là 'chaill mi do spéis;
'S tric na deòir ann am shùil,
'S mi gu tùrsach a'd dhéidh.

Gheall thu dhomhsa, a luaidh,
Gaol 'bhiodh fìrinneach, buan;
Ach 's ann shearg e mar bhlàth
'Dh'fhàgas fàl air a' chluan.

Thug mi gaol dhuit 's mi òg;
'S bhithinn dìleas ri m' bheò;
Chaidh na saighdean a'm chrìdh',
'G eisdeachd brìodal do bheòil.

O'n nach d'fhuair mi do làmh,
O, cha dual dhomh 'bhi slàn!
Cuiridh 'm bròn mi do'n chill
As nach till mi gu bràth.

Gus an dùinear mo shùil
Anns a' chlò as nach dùisg,
Bidh mo ghaol ort gach là,
Fhir nam blàth-shùilean ciùin.