Hé Mandu
[Fonn / Tune]
Hé mandu,
'S truagh nach tigeadh,
Hé mandu,
Siud 'gam iarraidh,
Hé mandu,
Gille 's litir,
Hi ri aro
Each is diollaid;
Hé mandu hì ri aro,
Hó ró hù ò.
Nam biodh agam
Sgiath a' ghlaisein,
Iteag nan eòin,
Spòg a' lachain,
Shnàmhainn na caoil
Air an tarsuinn,
An Caol Ileach
'S an Caol Arcach;
Rachainn asteach
Chun a' caisteal,
'S bheirinn a-mach
As mo leannan;
'S bheirinn a-mach
As mo leannan,
Chan fhoighnichinn
Cò bu leis i.
'S e mo Dòmhnull
Fhuair an togail --
Cha b'ann le bùrn
Gorm a' lòdain;
Cha b'ann le bùrn
Gorm a' lòdain,
Ach le bainne
Nam bàn donna.