Hi Horò ’S Na Horò Eile
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Hi horò, ’s na horo eile,
Hi horò, ’s na horo eile,
Hi horò, ’s na horo eile;
Gur tu mo luaidh ri’m bheò cha cheil mi.
Nuair a bha mi ’m chaileig ghòraich,
Thug mi gaol is gràdh do’n òigear
Aig a bheil a’ phearsa bhòidheach;
’S cha ghradhaich mi ri ’m bheò fear eile.
Chaidh mi choill nan crann ’s nan gallan;
Chuir mi sùil am fiùran maiseach --
B’ann an Glaschu nam bùthan
A thug mi rùn do’n diùlnach fearail.
Meur a’s grinn’ air peann a sgrìobhas,
’S a chuir gleus air teudan fìdhle;
’S e do cheòl a thogadh m’inntinn
An uair a bhithinn sgìth fo smalan.
Do chùl dualach, cuachach, bòidheach;
Falt do chinn mar ite ’n lòn-duibh;
Do dha ghruaidh air dhreach nan ròsan,
Is iad fo dhealta ceò na maidne.
Tha do chalpa cuimir, dìreach,
Mar bhradan aimhne ruith gu fìor-ghlan;
’S gura fìor gu’n d’thug mi luaidh dhuit
Am measg na bheil de shluagh air thalamh.
Ach tha mise ’n dùil ’s an dòchas
Gu’n tig an là ’sam bi sinn còmhla;
’S ma bhios tusa dìleas dhomhsa,
Cha ghràdhaich mi ri’m bheò fear eile.