Hò Rò Hugorin o Ho
[Séisd:]
Hò rò hugorin o ho,
Hò rò hugorin o ho,
Hò rò hugorin -- o,
Hugorin o rò bha.
Rachainn ann nam biodh tu ann,
Rachainn ann nam biodh tu ann,
Is mise, 's mise, 's mise rachadh ann,
Nam biodh tu ann,
Gur mise rachadh ann.
Thogainn fonn do'm chruinneig dhonn,
Thogainn fonn do'm chruinneig dhonn,
Is mise, 's mise, 's mise thogadh fonn,
Do'm chruinneig bhòidheich, dhonn,
Gur mise thogadh fonn.
Sheinninn dàn do'm chruinneig bhàin,
Sheinninn dàn do'm chruinneig bhàin,
Is mise, 's mise, 's mise sheinneadh dàn,
Do'm chruinneig bhòidheich, bhàin,
Gur mise sheinneadh dàn.