Ho Rò Na Cuir Cùl Rium


[Séisd:] Ho rò na cuir cùl rium, gur sunndach an gille mi,
Idir na biodh nàir' ort, a ghràidh tighinn gam shireadh-sa,
Ged a thug mi 'm bàs air do chàirdean tha fhios agam
O, àm na bliadhn' ùire gun giùlain thu 'm pige mi.


'S gur tric air an fhairrge tha m'earbsa ga mhionnachadh
A chionn gun ghabh mi fearga gun dearbh mi mo spionnadh dhaibh,
Dh'fhàg mi cuid dhiubh gòrrach a dh'òladh na ginidhean
'N oidhch' a bha sinn còmhladh a' pògadh nan nigheanan.

'S ma théid thu a thaighean òsda chì thu móran iongantais,
Mnathan air an daoraich iad traoghadh à siollaichean,
Cuid dhiubh ann an cùiltean 's an sùilean mar rionnagan,
An dòigh san dèan iad aoireadh ag èigheach 's a' mionnachadh.

'S tha 'm figheadair 's an clèireach 's iad fhèin a bha sgiobalta,
Nuair leum iad air a chèile, bha 'n lèintean nan ribinnean,
Thug iad fuil à sròinean -- thug sòlas do'm chridhe --
Gu robh 'n casan tro na brògan, 's bha 'n tòn tro na briogaisean!