I Bhì À Da
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
I bhì à da,
Ù a id al an a,
I bhì à da,
Ad al ad al ù a.
Ciamar a ruidhleas mo nighean
'S dithis anns an rathad oirnne?
Ciamar a ruidhleas mo nighean
'S ceathrar air an ùrlar?
'S iomadh rud a chunna mi,
'S iomadh rud a rinn mi,
'S iomadh rud a chunna mi
A-muigh air feadh na h-oidhche.
Chunna mi na piseagan,
Na piseagan, na piseagan,
Chunna mi na piseagan
Air spiris fad' an t-saighdeir.