Iain Ghlinn' Cuaich


[Fonn / Tune]


O Iain Ghlinn' Cuaich,
Fear do choltais cha dual da fàs;
Do chùl bachlach nan dual
'S e gu camlubach suas gu bhàrr.
'S i do phearsa dheas ghrinn
Dh'fhàg mise cho tinn le gràdh;
'S nach eil cron ort ri inns'
O mhullach do chinn gu d'shàil.

'S mór mo mhulad mu'n sgeul
Seo tha'n diugh ann am beul gach neach,
'Se chuir m'acain cho geur
Gura sgeul e nach fhaod mi chleith.
Beir an t-soraidh seo bhuam
Dh'fhios an fhleasgaich as uaisle dreach,
A dh'fhàg aiceid am thaobh
'S a chuir saighead an aoig am chneas.

Iain, Iain a ghaoil,
Cuime leig thu mi faoin air chùl,
Gun chuimhn' air a' ghaol,
A bh'againn ar-aon air tùs?
Cha tug mise mo spéis
Do dh'fhear eile fo'n ghréin ach thu,
Is cha toir ás do dhéidh
Gus an càirear mo chré san ùir.

Ged a chinn thu rium fuar,
Bheil thu, Iain, gun truas 's mi'm chàs,
'S a liuthad là agus uair
Chuir thu 'n céill gum bu bhuan do ghràdh.
Ach ma chaochail mi buaidh
'S gun do choisinn mi t'fhuath no t'fhearg,
Tha mo bheannachd ad dhéidh,
'S feuch an tagh thu dhuit fhéin nas fheàrr.