Latha Siubhal Beinne Dhomh


Ill ó bhòidheach,
Na hi ill ó ro bha hó,
Latha siubhal beinne dhomh,
Na hi ill ó ro bha hó,
Ill ó bhòidheach,
Na hi ill ò ro bha hó.


Latha siubhal mòintich

Thachair orm gruagach

Dhualach bhòidheach,

Sgian bheag 'na làimh,

'S gearra-chas óir innt',

'S i buain biolaire,

'S i buain eòintean,

An cois gach lòinein;

O, theann mi anull rithe,

O, dh'iarr mi pòg oirr';

"Eisd a ghiullain,

Sguir dhe d' ghòraich'!

'S ann an taigh m'athar fhéin

A gheobhte choisridh

Cruinn mu bhòrdan,

Fichead fear ada,

'S ciad fear chleòcan!"