Leis a' Mhaighdinn
[Fonn / Tune]
Seo an geamhradh, o hì,
Chuir an call oirnn, o hò,
Soitheach Frangach, o hì,
Chaidh air chall air Ceap George.
[Séisd:]
Leis a' Mhaighdinn, o hì,
Leis a' Mhaighdinn, o hò,
Beul na h-oidhche, o hì,
Rinn sinn falbh le cuid seòl.
'S ann Di-Luain, o hì,
Rinn sinn gluasad, o hò,
Chaidh ar fuadach, o hì,
'S am fear uasal air bòrd.
Rinn i boillsgeadh, o hì,
'M beul na h-oidhche, o hò,
Las sinn coinnlean, o hì,
'S chuir sinn combaist air dòigh.
Thuirt mo mhàthair, o hì,
'S cianail tha mi, o hò,
Caoidh mo bhràithrean, o hì,
'S fear no dhà dhiubh air bòrd.
'S thuirt an sgìobair, o hì,
Ri chuid ghillean, o hò,
"Glacaibh misneach, o hì,
'S cuiribh “reef” 'n a cuid sheòl."
Broidse daoimean, o hì,
'M broilleach maighdeann, o hò,
Beul a' choibhneis, o hì,
Nach dean foill do neach tha beò.