Linn An Aigh


[Séisd:]
O à ì à ó à ó ì ó,
A ì à ó à ó ì ó,
A ì à ó à ó ì
O à ì à ò ì.


An uair a bha Gàidhlig aig na h-eòin,
Bha 'm bainn' cho paillt air an lòn ri driùchd,
A mhil a' fàs air bàrr an fhraoich,
Is a h-uile nì cho saor 's am bùrn.

Is cha robh cogadh, cha robh strì,
Ni mò bha guth air creich no tòir,
Is bha gach dùil 'tighinn beò an sìth,
Is feum 's am bith cha robh air mòd.

Is cha robh feum air cléith no crann
Is chinn gach nì neo-ghann leis fhéin;
Bha meas is blàths 's a h-uile h-àm,
A' bhliadhna gun gheamhradh 'na samhradh gu léir.

Is cha robh daoin' a' pàidheadh màil,
Ni mò bha càin orra no cìs,
Is iasgach, sealgaireachd is coill,
Bha aca gun fhoighneachd gun bhacadh, gun phrìs.