Ma Bhuannaich Thu Nighean Ghrinn
[Séisd:]
Ma bhuannaich thu nighean ghrinn,
'Ille, na biodh gruaim ort;
Ma bhuannaich thu nighean ghrinn.
Là dhomh 's mi'n Steòrnabhagh,
Bu deònach mi air gluasad.
Chuir sinn rith' an t-aodach
Dol troimh na caoil bu luaithe.
'S chuir sinn rith' na “jibichean”,
'S gun leag sinn air a' chuan iad.
'S chuir sinn rith' am “foresail”,
'S gur bòidheach rinn i gluasad.
'S chuir sinn rith' am “mainsail”,
'S gum beatadh i gu fuaradh.
'S chuir sinn rith' an “topsail”,
'S gun trotadh i gu fuaradh.
'S nuair dh'éireadh i bhàrr nan tonn
Phronnadh i mhuir uaine.
'S 'ille na biodh eagal ort,
Ma bheir an stiùir mu'n cuairt i.
'S 'ille na biodh cùram ort,
Cha ruig an sùgh r'a gualainn.
'S 'ille na biodh sochar ort,
Cha chum ceann-tochraidh bhuat i.
Sonas is fad-saoghail
Gu robh aig 'n t-saor a dh'fhuaigheal i.
Rinn e dìreach, socair i,
'S gun d'fhàg e làidir, luath i.
Bheir mi làir is searrach dhuit,
'S an taobh is fheàrr de'n bhuailidh.
Bheir mi mart is laogh dhuit,
'S gun toir sinn caor' is uan dhuit.
Thog iad feadh a' bhaile orm
Gur leannan dha'n té ruadh mi.
Ach ma ni iad firinn dheth,
Gun cuir mi cìr 'n a cuailean.