Maili Bheag Og

[Fonn / Tune]



Nach truagh leat mi 's mi 'm prìosan,
Mo Mhaili bheag òg?
Do chàirdean a' cur binn orm,
Mo chuid de'n t-saoghal thu;
A bhean na mala mìne,
'S nam pògan mar na fioguis,
Is tu nach fhàgadh shìos mi,
Le mìrun do bheòil.

Di-Dòmhnaich anns a' ghleann dhuinn,
Mo Mhaili bheag òg,
Nuair thòisich mi ri cainnt riut,
Mo chuid de'n t-saoghal mhór,
Nuair dh'fhosgail mi mo shùilean,
'S a sheall mi air mo chùlthaobh,
Bha marcaich' nan each chrùdhach,
Tighinn dlùth air mo thòir.

Is mise bh'air mo bhuaireadh,
Mo Mhaili bheag òg,
Nuair thàinig sluagh mu'n cuairt dhuinn,
Mo ribhinn ghlan ùr;
Is truagh nach anns an uair sin
A thuit mo làmh o m'ghualainn,
Mu'n d'amais mi do bhualadh,
Mo Mhaili bheag òg.

Gur bòidhche leam a dh'fhàs thu,
Mo Mhaili bheag òg,
Na 'n lilidh anns an fhàsach,
Mo cheud ghràdh 's mo rùn;
Mar aiteal caoin na gréine
Am maduinn chiùin ag éirigh,
B'e sud do dhreach is d'eugais,
Mo Mhaili bheag òg.

Is truagh a rinn do chàirdean,
Mo Mhaili bheag òg,
Nuair thoirmisg iad do ghràdh dhomh,
Mo chuid dhe'n t-saoghal thu;
Nan tugadh iad do làmh dhomh
Cha bhithinn anns an àm seo
Fo bhinn air son mo ghràdh dhuit,
Mo Mhaili bheag òg.

Ged bheirte mi bho'n bhàs mi,
Mo Mhaili bheag òg,
Chan iarrainn tuilleadh dàlach,
Mo cheud ghràdh 's mo rùn;
B'annsa 'n saoghal-s' fhàgail,
'S gum faicinn d'aodann ghràdhach;
Gun chuimhn' bhi air an là sin,
'S na dh'fhàg mi thu ciùrrt'.