Màili Dhonn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Màili dhonn, bhòidheach, dhonn,
Màili dhonn, siubhal dhachaidh,
Màili dhonn, bhòidheach, dhonn.
Cha robh duin' agam air bòrd,
Cha robh seòladair agam,
Ach mi fhìn 's mo Mhàili Dhonn,
Sgoltadh thonn, siubhal dhachaidh.
'S binne leam na cruit nan dàn,
Cluinntinn gàir aig a h-astar,
Sruth is gaoth a' dol air fonn,
'S Màili Dhonn siubhal dhachaidh.
Ged nach eil mo chrodh air lòn
No mo phòr air a' mhachair,
Soraidh slàn le cridhe trom
'S Màili Dhonn siubhal dhachaidh.