Màiri Bhàn Dhail-An-Eas
[Fonn / Tune]
Is mithich dhomhsa tòiseachadh is m'òran chur an céill,
Gur fhada bho'n bu chòir dha, bhi ann an òrdugh réidh;
Tha m'inntinn-sa cho luaineach ri gaoth tuath air bhàrr nan geug,
Ma 's e 's gu'm pòs a' ghruagach, tha shuas ann an Gleann-Eit'.
Gur bòidheach leam a dh'fhàs thu bho d'bhàrr gu sàil do bhuinn;
Chan eil cron ri àireamh ort, 's tu bean an nàduir ghrinn,
Nar mhealam-sa mo shlàinte mur b'fheàrr leam na bhi 'm rìgh,
Cead bhi laighe làimh riut, 's mo làmh fo d'mhuineal mìn.
Is lìomhor mais' ri aithris air an ainnir is glan snuadh,
Do shlios geal mar an caineal no mar eala nan tonn uain';
Shiubhal mi bho'n Apuinn a-mach gu uisge Chluaidh,
'S bean t'aogais anns an astar sin chan fhaca mise, luaidh.
Tha falt bachlach, bòidheach ort, air dhath an òir na 'dhuail,
Gur fiamhach, sgiamhach, òrbhuidh' e 'an òrdugh ann an cuaich,
Bha m'inntinn-sa làn sòlais, 'nuair bha mi 'chòmhnuidh shuas,
'S a nise bho'n a dh'fhàg mi e chan eil mo thàmh ach truagh.
Their iad gu'm bu ghòrach mi mo ghaol cho mór thoirt dhuit,
Gu'n robh mi 'cinntinn gòrach, nuair bu chòir dhomh a bhi glic;
Ach éisdidh mi ri'm bòilich 's a chaoidh ri m'bheò cha chreid
Gu'm faigh fear eile còir ort, no gu'm pòs thu gun mo chead.
Tha nighneagan an àite seo ri tàir orm gu mór,
Gu'n d'thuirt iad rium am “bachelor”, 's gu bheil mi sean gu leòr;
Ach cha b'i an aois a liath mo chiabhagan cho mór,
Ach sìoban nan tonn dubh-ghorm, a' tigh'nn bho chùl nan seòl.
B'e siud an obair ànradhach, dh'an d'thug mi gràdh 's mi òg,
Fad na h-oidhche Gheamhraidh, a' “riofadh” teann nan seòl;
Bheirinn greis ga 'stiùireadh, 's an sneachd air cùl mo dhòrn
Toirt gliocais as a' chombaist gu'm b'e siud pong an t-seòid.
Is ged a bhithinn fad air falbh, bhiodh m'earbsa ri tigh'nn as,
A shealltainn air mo ghràdh, an nigh'nn bhàn is àillidh dreach;
Chan eil e anns an àl seo, no 'san àl a thig a'm dhèidh
Bean do mhaise, Mhàiri, 's tu 's àillidh tha fo'n ghréin.
'S gur lìonmhor anns an àite seo mo naimhdean o chionn ghreis,
O chionn 's gu'n d'thug mi gràdh do nigh'nn bhàin bha 'n Dail-an-eas,
Tha fleasgaich anns an àite seo is b'fheàrr leo gu'n robh mis'
An ionad domhainn fad air falbh, gun earbsa ri tigh'nn as.
Is ìosal a thuit m'inntinn-sa, 's cha dìrich i ri m'bheò,
'S a chaoidh cha dèan mi innseadh an ni sin ta 'gam leòn,
Gus an téid mo thiodhlachadh an ciste dhìonaich bhòrd,
Cha tréig mi gaol na h-ighneige dh'fhàg m'inntinn trom fo leòn.