Màiri Laghach

[Fonn / Tune]


Hó mo Mhàiri laghach, 's tu mo Mhàiri bhinn;
Hó mo Mhàiri laghach, 's tu mo Mhàiri ghrinn;
Hó mo Mhàiri laghach, 's tu mo Mhàiri bhinn;
Mhàiri bhòidheach lurach, rugadh anns na glinn.


B'òg bha mis' is Màiri 'm fàsaichean Ghlinn-smeòil,
Nuair chuir macan Bhenuis, saighead gheur 'nam fheòil
Tharruing sinn ri chéile ann an eud cho beò,
'S nach robh air an t-saoghal a thug gaol cho mór.

Ged bu leamsa Alba, a h-airgiod is a maoin,
Ciamar bhithinn sona gun cho chomunn gaoil?
B'annsa bhi 'gad phògadh, le deagh chòir dhomh fhìn,
Na ged gheibhinn stòras na Roinn-Eòrp' gu léir.

Tha t'fhalt bachlach, dualach, mu do chluais a' fàs,
Thug nàdur gach buaidh dha, thar gach gruag a bha;
Chan eil dragh, no tuairgne, 'na chur suas gach là;
Chas gach ciabh mu'n cuairt dheth, 'se 'na dhuail gu 'bhàrr.

Tha do chailc-dheud snaighte, dreachmhor mar a b'àill;
T'anail mar an caineal, beul o'm banail fàilt';
Gruaidh air dhreach an t-siris, mìn-ruisg chinealt', thlàth,
Mala chaol gun ghruaman, gnùis gheal, 's cuach-fhalt bàn.

Cha robh inneal ciùil a fhuaireadh riamh fo'n ghréin,
A dh'aithriseadh air chòir, gach ceòl bhiodh againn fhéin;
Uiseag air gach lònan, smeòrach air gach géig,
Cuthag is gùg-gùg aic', 'Madainn chùbhraidh Chéit.