Màiri Nic A' Phì
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Màiri Nic a' Phì, 's toil leam fhìn a' chaileag,
Tha i laghach, bòidheach, chan eil pròis fainear dhith;
Màiri Nic a' Phì, 's toil leam fhìn a' chaileag.
Tha i laghach sàmhach
Bho'n thàinig i 'n àite,
'S toileachas mar tha i
Le bànran 's le ceanal.
Nan cuirt' ann an rùm thu,
Solus orra chùlaibh,
Chuireadh tu na flùraichean
Gu dlùth air anart.
Tha i laghach grianach,
Chan eil car nach dèan i,
Cunntaidh i na ciadan
'Gan snìomh as an ealain.