Màiri Nighean Dhòmhnaill
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Ho-rò is toigh leam fhìn thu,
A ribhinn as bòidhche;
'S an gaol a thug mi-fhìn dhut,
Cha dìobrainn air òr e.
Ho-rò is toigh leam fhìn thu.
Thug mi cion is gràdh dhuit,
A Mhàiri nighean Dhòmhnaill;
'S nam faighinn toil do chàirdean,
Gun dàil dhèanainn pòsadh.
'S nam faighinn cead na cléire,
Leat fhéin bhithinn deònach,
'S gun cluinnte 'gar n-éigheach,
'S an teampull Di-Dòmhnaich.
'S chuireamaid an cruaidh shnaoim
Nach fhuasgladh na meòirean,
'S chan fhaigheadh Eòghann Ruadh thu
Ged 's cruaidh air do thòir e.
Ged bhiodh a chrodh ghuaillfhionn,
Air bhuailidh 'n an dròbhan;
O, cia mar bheirinn fuath dhuit,
'S tu luaidh nam ban òga.
Troigh chuimir am bróig ùir thu,
Nach lùbadh am feòirnean;
Do dhà shùil mheallach, chaomha,
Fo chaol mhalaidh bhòidhich.
O thug mi cion is gràdh dhuit,
A Mhàiri nighean Dhòmhnaill,
'S mur dèan mi do bhuannachd
'S i 'n uaigh m'àite-còmhnuidh.