O 'S Mise Tha Cianail, Fàillinneach
[Fonn / Tune]
O, 's mis' tha cianail fàilleannach 'n gleann fàsail fad' air chùl,
'S mi ri caoidh nam bràithrean, na h-àilleagan geal ùr;
Tha fear is fear gam fhàgail dhiubh 's mo chridhe cràiteach, brùit',
Is eagal trom gam shàrachadh gu bràth nach fhaic mi 'n gnuis.
Tha còrr is fichead bliadhn' o'n rinn fear dhiubh triall thar chuan,
Cha robh an Earra-Ghàidheal mac màthar a b'àille snuadh;
Bha cliù aig a luchd-eòlais air 's bu bhrònach a bha 'n sluagh --
Nuair thug e chùl ri Corsabhal bha deòir air ioma gruaidh.
Bu ghealltanach an t-òganach 's bu mhór a thuigs' 's a chiall,
Bu dhleasdanach r'a mhàthair e 's ri càirdean gràdhach fial;
Ard reusan 's buaidhean urramach air bhuileachadh le Dia,
'S cha d'fhalaich e fo'n talamh iad, chuir dhachaidh iad le riadh.
O thug an long ud Alasdair gu caladh fada bhuainn,
Far an cinn an siùcair 's luibh chùbhraidh air gach cluan;
Ach mheall siud ioma Gàidheal -- “mirage” 's an fhàsach chruaidh,
'S an sannt gan greas gu bàsachadh 's a' phlàigh gan sluigeadh suas.
Bha sinn an dùil gum bu mhaireann thu 's tu 'd chadal anns an uaigh,
'S gum faiceadh sinn tighinn dhachaidh thu le aighear is le buaidh;
'S ann thug an saoghal an car asainn, bha Alasdair na shuain
An cadal trom na h-ùrach 's nach duisg e gu Là Luain.
Cha b'iongantach cridh' do mhàthar bhith sgàineil le geur-chràidh.
'S tusa loit às ùr i 's i tùrsach dh'oidhch' 's a là;
'S a h-anam ag ràdh le dùrachd, “Cò, rùin, bha dlùth mu'd bhàs?”
'S cò 'n làmh a thog an cùirtean 's a dhùin an t-sùil bha blàth?"
Mo chreach 's nach fhaic sinn tuilleadh thu gus an cruinneachadh am bràth,
Gus 'n téid an tromp a shèideadh le aingeal treun gu h-àrd;
'S nuair théid na mairbh a dhùsgadh 's i m'ùrnaigh ris an Triath
Gum biodh sinn uile de'n choisrig a sheinneas glòir do Dhia.