Mise Tha Fo Mhulad


[Sèisd:]
Mise tha fo mhulad o'n sguir mi dhe'n òl,
Chan òl mi deur tuilleadh 'fhad 's a bhios mi beò,
'S mise tha fo mhulad o'n sguir mi dhe'n òl.


Tha sagairt na cléire cuir “sign” air na géill dhuinn,
Cha bhi mi ga “bhlamadh”, b'e sin fhéin a chóir.

Toilichte mo mhàthair, tric a bhios i 'g radh,
"Se Donnchadh fhuair na gràsan o'n sguir e dhe'n òl."

'S mise tha gu tùrsach o'n là chuir mi cùl ris;
'S tric na deòir o'm shùilean a' drùdhadh sios o'm shròin.

Mise bhios gu cràiteach 'nuair thig latha-phaidheadh,
Na botuill gun traigheadh, 's mi gun làn mo bheòil.

'Nuair théid mi gu banais, gu ceilidh no cuirm,
Cach ag òl nan drama, 's bi mise fo bhròn.

Ma cumadh sinn an fàintean mar a dh'iarr ar Slànaighear,
'S oir nach bi sinn sàmhach, ged bhitheamaid ag òl.

'Nuair a thig an Nollaig, 's thig na fir air Challaig,
Olaidh sinn na galluinn a dh'aindeoin na chóir.