Mo Nighean Dubh, Tha Bòidheach Dubh

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Mo nighean dubh, tha bòidheach dubh,
Mo nighean dubh, na tréig mi,
Ged theireadh càch gu bheil thu dubh,
Cho geal 's an gruth leam fhéin thu.


Moch là Coinnle anns a' mhaduinn,
'Nam leabaidh 's mi gun éirigh,
Gu'm facas òigh an taice rium,
'S a gnùis cho dreachmhor, ceutach.

Chan urrainn mi gun labhairt ort,
Gus do mhaise 'leughadh;
Di-domhnaich a' dol an chlachan,
Bean do dhreach cha léir dhomh.

Thig stòcaidh gheal air rogha dealbha,
Air do chalpa glé-gheal;
Brògan barra-chumh'nn 's bucaill airgid --
Oig air dhealbh na gréin' thu.

Do shlios fallain mar shneachd bheannaibh,
No mar chanach sléibhte;
Mar fhaoileig chladaich, ri là gaillinn,
Air chuan mara 'g éirigh.

'S math thig gùn 's an fhasan dhuit,
Cho math 's a tha 'n Dùn-Eideann,
Mu d'mheadhon caol 'ga theannachadh,
'S a' chamhanaich 's tu 'g éirigh.

Do shùilean mar na dearcagan,
Do ghruaidhean dhàth na céire;
Tha cùl do chinn air dhreach an fhithich
'S gràdh mo chridhe fhéin dhuit.

Sùil chorrach, dhonn fo chaol mhala,
Bho'n tig an sealladh éibhinn,
Mar dhealt camhanaich 's an Earrach
'S mar dhrùchd meala Chéitein.

Tha falt dubh, dualach trom neo-luaidhte
'N ceangal sguaib air m'euchdag;
Gur bòidheach e mu d'chluasaibh
'S cha mhios a'n cuailein bréid e.

Cha dèan mi tuilleadh molaidh ort --
O 's tu mo rogha céile!
'S ann ort a tha 'n cùl fàinneagach,
Mar siud 's am bràighe glé-gheal.

Is olc a rinn do chàirdean orm,
Is rinn iad pàirt ort fhéin dheth,
Nuair chuir iad as an dùthaich thu
'S mi 'n dùil gu'n dèanainn feum dhuit.

'S ged nach dèanainn fìdhleireachd,
Gun dèanainn sgrìobhadh 's leughadh;
'S nàile! dhèanainn searmoin dhuit
Nach tàlaicheadh neach fo'n ghréin' air.

Do chom meanbh-gheal mar thonn gailbheach
Air fonn gainmhich 'g éirigh;
Mar thàrr geala-bhreac iasg na fairge
Tha do dhealbh is t'eugas.

Thig brat sìod' a chosdas gini
Mu do chìochan glé gheal;
'S e dh'fhàg m'inntinn-sa fo mhì-ghean
Nach d'fhaod mi 'bhi réidh riut.

Thig plasg omair air t'uchd bòidheach
Ann an òrdugh glé mhath,
'S e gaol do phòig a rinn mo leòn
'S a dh'fhàg mi beò gun speirid.