Mo Rùn, Mo Nighean Donn Bhòidheach


[Séisd:]
I iù o, ra iù o,
Mo rùn, mo nighean donn bhòidheach,
I iù o, ra iù o.


Nighean bhuidh' a Bharronach
Tha fir a' bhail' an tòir ort.

A nighean bheag a th'aig an allt
Tha mis' an geall do phòsadh.

A nighean bheag a th'aig a' chreag
Tha feagal orm nach còrd sinn.

Thug mi bhuaip' na litrichean
A bha gun fhios 'na pòcaid.

Ruig mi oirre, thug mi bhuaip',
Ged faighinn gruaim cho mór orm.

Fada o'n nach faca mi
Do shùilean meal' a' dòirteadh.

Cha robh boinn' a' sìl bho sùil,
Nach drùidheadh air a' chòta.

Shiùbhlainn fada, fada leat,
Cho fad' sa bhi na m'eòlais.

Shiùbhlainn leat an ear 's an iar
Le each, gun strian, gun ròpa.

Shiùbhlainn feadh an t-saoghal leat
Ach thus', a ghaoil, bhi deònach.

Shiùbhlainn leat dh'Amaireaga,
Na h-eileanan as bòidhche.

As a sin a dh'Eirinn
Gu sràid na ceuman còmhnard.

As a sin do dh'Uibhist
Far am buidhicheadh an t-eòrna.