Mo Thruaigh Léir Thu, 'Ille Bhuidhe

[Séisd:]
Mo thruaigh léir thu, 'ille bhuidhe,
'S ann an-diugh tha 'n déigh ort,
Mo thruaigh léir thu, 'ille bhuidhe.


Chuir sinn croinn 's a bhàta,
Dà là mu'n d'fhàg sinn Eirinn.

Chuir sinn na croinn ùr innte,
'S gu'n d'fhuair sinn smùid na déigh leinn.

"Cutteran" is gàidsearan,
Ga'r sàrachadh le chéile.

'S fùdar 's luaidhe Shasunnach
Toirt farum air a déile.

Bha sinn an Loch-Alainn
Mu'n d'rinn ach pàirt dhiubh éirigh.

'Nuair a dh'at an fhairge,
'S i 'n “Earbag” a bha treabhach.

An “Earbag” 's i cho dionach
Ri botal fion 's céir air.

Seachad Maol na h-Oa,
Gun d'òl sinn air a chéile.

Dh'òl sinn slàint' an sgiobair
Nach robh idir anns an éisdeachd.

Dh'òl sinn buaidh do'n bhàta
Thug sàbhailt' sinn à Eirinn.

Bha uisge is clach-meallainn ann
A's canabhais g'a reubadh.

Seachadh Caisteal Duairt leath'
Gu'n robh ar turas réidh leinn.

Bha sinn 's a' Chuan-iar leatha
Mu'n d'rinn a' ghrian ach éirigh.

Bha sinn an Loch-Alainn
Mu'n d'rinn ach pàirt dhiubh éirigh.