Moch Di-Luain Ghabh I 'N Cuan
[Fonn / Tune]
[Sèisd:]
Moch Di-luain ghabh i 'n cuan,
Iùbhrach a' ghluasaid ealaimh;
Moch Di-luain ghabh i 'n cuan.
Moch Di-luain an déidh Di-dòmhnaich
Sheòl i a Steòrnabhagh a' chaisteil.
Gillean gasda air a bòrd,
G'a cumail dòigheil anns a' chala.
Sgrioba làidir, dhàicheil sheòlta
Thogail a cuid seòl ri crannaibh.
Rachadh i cho glan an òrdugh
Ri mnaoi òig a' dol gu banais.
Nuair a chuartaich sinn an Tiompan,
'S i bha sunndach, 's muir 'na meallan.
Seòladh seachad Eilean Dhiarmaid,
Gaoth o'n iar oirnn 's clacha-meallain.
Thug sinn sàbhailt i do'n Oban
Ged bu dóruinneach an latha.