Moladh na Lanndaidh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Hò ro Eileanaich ho gù,
Hò i rìthil hò i hù,
Hò ro Eileanaich ho gù,
Gu bheil mo rùn 'san Lanndaidh.
Chì mi thall ud Aird-mhór,
Aite 'choilich dhuibh 's a' gheòidh;
Ait' mo chridhe is mo ghaoil,
'San robh mi aotrom, ainmeil.
Ged tha 'n Lanndaidh creagach, ciar,
'S moch a dh'éireas oirre 'ghrian;
Innis nam bà-laoigh 's nam fiadh,
'S gum b'e mo mhiann bhi thall' ann!
Nuair a dh'éirinn moch 'san àird,
Bheirinn sgrìob do cheann an t-sàil' --
Bhiodh na lachan air an t-snàmh,
'S cha b'fhad' am bàs o m'làimh-sa.
'S tric a leag mi air a' bhruaich
Earba ghlas a' mhuineil ruaidh;
Bhiodh an liath-chearc leam a nuas,
Is coileach ruadh an dranndain.
'S tric a leag mi air a thaobh
An ròn ballach anns a' Chaol --
Eala bhàn a' mhuineil chaoil,
Is coileach fraoich nam beanntan.
O, mo ghaol air Ile 'n fheòir,
Far an d'fhuair mi m'àrach òg;
Far am bheil na h-uaislean còir,
Bu toigh leò ceòl is dannsadh!