Nach Muladach, Muladach Duine Leis Fhéin


[Séisd:]
Ho rithill o rothan
Ho rithil o ré,
Ho rithil o rothan
Hìllin och ho rò é.


Nach muladach, muladach
Duine leis fhéin,
’S ionnan sin ’s mar tha mise
’S tric mi sìleadh nan deur.

’M faca tusa ’n t-òg-uasal
Chaidh suas a seo ’n dé,
Le gunn’ air a ghualainn,
’S e uallach ’na cheum.

Nuair a thigeadh tu dhachaidh,
Chluinnte farum do cheum;
Bhiodh do sheòmraichean cadail
Air a lasadh le céir.

Nuair a rachadh tu ’n fhireach
Leat a chinneadh an t-seilg,
Bhiodh na coin leat, ’s do ghillean,
’S do ghunn’ air dheagh-ghleus.

Nach bòidheach ri’m faicinn
Air faire là féill’
Na cìobairean uallaich
A’ cuallach na spréidh?

O fhir a’ chòt’ uaine
Chaidh a-mach a bhuain an-dé,
Mar a tig thu leam dhachaidh
Nì mi ’n rathad leam fhéin.

Gur mis’ tha fo mhulad,
’S ro dhuilich ad dhéidh,
’S tric a tha mi cho deurach,
’S nach léir dhomh mo cheum.

’S tric a bha sinn gu càirdeil
Fo sgàile nan geug,
Ach cha mhò leat mi ’m bliadhna
Na eunlaith nan speur.

Ged a dh’fhàg thu mi buileach
An dubhar na gréin’,
Cinnidh mise mar fhàillein
Gun fhàillinn, làn sgeamh.