Hó Ro Mo Nighean Donn Bhòidheach Nan Gorm-Shùil Meallach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hó ro mo nighean donn bhòidheach nan gorm-shùil meallach,
'S truagh nach robh sinn còmhla ged bhith'maid falamh,
Hó ro mo nighean donn bhòidheach nan gorm-shùil meallach.


A-raoir a rinn mi 'm bruadal
Dh'fhàg mo chadal luaineach,
Mur dèan mi do bhuannachd
'S truagh nach robh mi 's talamh.

T'aghaidh thana nàrach
Gu sealltainn an sgàthan;
Mheud 's a thug mi gràdh dhuit
A dh'fhàg mi air m'aineol.

Tha do nàdar còmhnard
Gun fhaoineis, gun ghòraich',
Iriseal, ro-spòrsail,
Beusach, bòidheach, banail.

Do shlios mar an fhaoileann,
Do ghruaidh mar na caorainn,
Mala nan trì faobhar
'San aodann gun smalan.

Tha do chliù 's do bheusan
Co-mire ri chéile;
'S binne na na teudan
An téis a thig bho t'anail.

'S binne liom do chòmhradh
Na 'chuthag 's an smeòraich,
'S iad a' seinn mar chòmhladh
'S a' cheò madainn earraich.

'S e mo cheist a' mhaighdeann
Bhios na fir a' foighneachd,
Gu siùbhlainn an oidhch' leat
An coillteannan bharraich.

Banarach na buaileadh
Meur a's grinne a dh'fhuaigheas,
Cha mhiosa latha buan' thu
'Cur nan sguab am bannaibh.

Gur math thig an t-òmar
Am broilleach na h-òighidh,
Stocainn shìod' is brògan
Bùcaill òir 'gan ceangal.

'S e mo cheist a' rìbhinn
'S deise théid 'sa ruidhleadh;
Meur a's grinne sgrìobhas
Dìomhaireachd gun mhearachd.

'S a dh'aon taobh gu siùbhlainn
'S mise bheir an cliù dhut;
Dh'fhaodadh bean do ghiùlain
Diùc bhith dhi mar leannan.

Do dheud thana, dlùthmhor,
Mar chanach an t-siùcair,
'S t'anail liom cho cùbhraidh
Ri ùbhlan a' mheangain.

Ach ma chuir thu cùl rium
Coma liom co-dhiubh thu,
'S mo shoraidh 'gad ionnsaidh
Tha mi 'n dùrachd mhat dhut.