O Luaidh



[Séisd:]
O luaidh, 's truagh nach thachair sinn,
E luaidh, 's truagh nach thachair sinn,
O gur e truagh a' cheist, O luaidh,
Nach robh mi 'san uaigh mu'n d'fhuair mi sealladh ort
O luaidh.


Chunnaic mi thall sa' mhoinne gearradh i,
Gruagach òg 's chòrd a pearsa rium,
Chaidh mi a-null 's gun fhaic mi i dlùth
'S a mhais' air a gnùis a dh'ùraich leannanachd
O luaidh.

An téid thu leam gu tìr nam monaidhean,
Tìr nam fiadh, nan earb 's nan coineanach,
Tìr nan siad 's ann bha thu riamh, 's gun ith
Thu do bhiadh gun sgian 's gun ghreumaiche,
O luaidh.

Nam biodh peann 's pàipear geal agam,
Sgrìobhinn dhuit sìos mo chainnt le barantas,
Cumhnant tha teann nach fhosgail bho'n chléir,
'S ma dh'fhalbhas tu fhéin, chan fheum thu t'urra ann
O luaidh.