O Mo Dhùthaich
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
O mo dhùthaich, 's tu th'air m'aire,
Uibhist chùbhraidh, ùr nan gallan,
Far am faicte na daoin' uaisle
'S far bu dual do Mhac 'ic Ailein.
Tìr a' mhurain, tìr an eòrna,
Tìr a' phailteas as gach seòrsa,
Far am bi na gillean òga
Gabhail òran san taigh-leanna.
'S ann a thig 'ad oirbh gu seòlta
Gus ar mealladh far ar n-eòlais.
Molaidh iad dhuibh Manitoba,
Dùthaich fhuar gun ghual, gun mhòine.
'S gu dé stàth dhomh bhith 'ga innse:
Nuair a thig sibh, 's ann a chì sibh
Samhradh goirid 's foghar dìsleach
'S geamhradh fada na droch shìde.
Nam biodh agamsa de stòras,
Dà dheis' aodaich 's paidhir bhrògan,
Agus m'fharadh ann am phòca,
'S ann air Uibhist dhèanainn seòladh.
'S gura mise tha gu cràiteach;
'S trom mo cheum, neo-eutrom tha mi;
O'n a dhealaich mi ri'm chàirdean
Thuit mo chridhe 's mo cheòl-gàire.
'S fhir a shiùbhlas bàrr an t-sàile
Thoir mo shoraidh gu mo chàirdean;
Guidheam nach trèig sibh ur n-àite
Airson uachdaran no bàillidh.
Chan eil luaidh nach eil ri àireamh
Air Uibhist os cionn gach àite,
'N t-eilean garbh mun iadh an sàile;
Gheibh an strainnsear aoigh is blàths ann.