Oidhche Mhath Leibh

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Soiridh leibh is oidhche mhath leibh,
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh;
Guidheam slàinte ghnàth 'bhi mar riubh;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.


Chan eil inneal ciùil a ghleusar,
Dhùisgeas smuain mo chléibh gu aoibh
Mar ni duan o bheòil nan caileag;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

'S guth gu m'chridhe pong nan òran,
Caidir sòlais òigridh seinn;
Aiteal ciùin air làithean m'òige;
Sonas a bhi 'n còmhnuidh leibh.

Mathair uisge 'n tobair fhìoruisg',
Cainnt ar sinnsir brìgh na loinn;
'S faochadh tlàth o ànradh m'inntinn,
Nuair bheir rann na glinn a'm chuimhn'.

Grian cha laigh an nochd air mìltean,
Leis am binn a fuinn 's a roinn,
'S do'm bi 'n sgeul 'na mhór thoil-inntinn
Dh'innseas dhaibh gun robh sinn cruinn.

Astar cuain cha dèan ar sgaradh,
'S dùrachd daimh am bannaibh toinnt',
Gleidh an t-àgh na dh'fhàg a bheannachd;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Thuirt ar crann air saoghal carach;
'S coma sud,