Òran Chaluim Sgàire


[Séisd:]
Air fàill ó ro-u
Faill éileadh ó ro-u
Air fàill ó ro-u
Hogaibh ó 's na hó i.


O rìgh gur trom m'osann,
'S fhada bho mo luaidh nochd mi,
Mise Tuath an Cuan Lochlainn,
'S is' aig Loch-an-fhir-Mhaoil.

Dh'fhalbh i, ghluais i leinn dhachaidh,
Chuir i chuairt ud air Arcaibh,
Siùil ùra 's cruinn gheala,
Tìde mhara 'si leinn.

Nuair a nochd i air fàire
Bha mo leannan-sa 'g ràdhtainn,
"Siud an t-soitheach aig “Cràgam”
Calum Sgàire tha innt'."

Nuair a dhìrich mi bhruthach,
Thilg i bhuarach 's an cuman,
'S thuirt i, “'S uaibhreach an diugh mi,
'Seo cuspair mo ghaoil.”

Ged is math a bhith seòladh,
'S bochd an obair ud dhomh-sa;
'S mór gum b'fheàrr leam bhith 'm Bòstadh
Cur an eòrna 's an raon.

Ach nam bithinn-s' aig baile
A Gheamhradh 's a dh'Earrach,
Cha leiginn mo leannan
Le balach gun strì.

Nam bithinn-sa làmh riut
Nuair a thug do làmh dhi,
'S ann a dh'fhaodadh do chàirdean
Dhol a chàradh do chinn.