Òran Choinnich Dhuinn


'S an oidhche bha 'm “frolic” an taigh Choinnich Dhuinn,
'S ann chunna mi chaileag bha ban-mhalta, grinn,
Is 'dannsadh gu leanail 's a' seinneadh gu binn,
Bha mise mu coinneamh 's mi togail an fhuinn.


[Séisd:]
Hòrò thugaibh ò, hoirion ò thugaibh hì,
Hòrò thugaibh ò, hoirion ò thugaibh hì,
Hòrò thugaibh ò, hoirion ò thugaibh hì,
Tha mise fo mhulad 's chan urrainn mi inns'.


'S gun d'thug mi-fhìn Anna gu fasgadh an tìm,
Gu robh solus na gealaich cho geal os ar cionn;
Gun tug mi mo ghealladh mu rachainn dha'n chill',
Gum biodh i, ro Shamhuinn, na bean agam-fhìn.

'S gun chum mi ri'm ghealladh 's gum b'alladh sud rium,
Mu'n d'thàinig an t-Samhuinn bha Ann' agam-fhìn,
Cha robh i cho leanail, no idir cho binn,
'S a bha i mu'm choinneamh 'san taigh Choinnich Dhuinn.

'S o mhaduinn gu feasgar cha deisich i nì,
O dhorus gu dorus ri comhneart 's ri strì,
Mu choinneamh aon fhacal tha aice-sa trì,
Chan eil fàrrais an teang' aig a' bhean agam-fhìn.

'S 'n àm éirigh 'sa mhaduinn bidh Anna gu tinn,
Cha ghluais i à leabaidh gu faigh i gu tì;
'S ann chuireas i tacan ri tachas a cinn
'S ma faigh mi facal bi m'bhat' air mo dhruim.

Nuair liatheas an dosan 'sa ròcas an t-sùil,
Bidh plaid air an aimhich 's bidh aithreachas dlùth;
Cha fhuiling sud faisg oirre leanabh no cù,
'S ma thaireas i 'n cat bidh e sgoilte co-dhiubh.

'S gu tugainns' an comhairl' air balaich an tìr
Nuair bhiodh iad air banais is drama nan ceann,
Gun gealladh a thoirt do chaileig a' chaoidh,
'S gun fios air an talamh cò as na cò i!