Òran a' Mhearlaich


Se an cù a bu chòireach,
Se a chinnich às geama,
Chuir iad dhan t-seileir,
Dh'fhàg sin deurasach mi.


[Sèisd:]
Hoirinn ò 's na hò hiù a [x3]
Hoirinn ò 's na hi ri.


'S tha Mac Chaluim Mac Dhòmhnaill
'S e na mhosan air bhatail;
Thoir e tì dhuit 's tombaca,
'S mi gun sràd a's a phìob.

'S tha mo shùilean gu galach,
'S tha mo léine gu salach,
'S mi 'san uaimhidh a falach,
'S nach tig daoine nam ghaoth.

'S truagh nach robh mise bha'm charadh
Ann an cist' ann an talmhainn;
Ann an achlais mo mhàthair
Mu'n de nàraich mi sibh.

'S tha m'athair gu deurach,
'S mo bhràithrean le chéile;
'S mo pheathraichean ciatach,
'S a ghruag ag éirigh fo'n cinn.