Òran Na Bochdainn

[Fonn / Tune]



Cha d'rinn sinn móran fad an t-samhraidh,
Cha bhi sinn beò nuair thig an geamhradh;
Chan fhaigh sinn mil mar gheibh a' choinnspeach,
A thogas bothan air stoban calltair.


[Séisd]
Bheir mi ò, agus ò ro eile,
Bheir mi ò, agus ò ro eile,
Bheir mi ò, agus ò ro eile,
Gur truagh a' bheòshlaint' bhi air an déirce.


Na daoine truagha a dh'fhàg na h-àitean,
Tillidh sibh air ais do'n fhàsach;
Na cuiribh suas le lagh nan tràillean,
A ruaig ar sinnsridh a-nall thar sàile.

Tha fuathas agaibh anns na méinnean,
Nach deanadh beòslaint' innt' le dìchill;
Na “Finlanders” a' tighinn 'nam mìltean,
'S gun lagh 's an dùthaich a chumas cìs orr'.

Shrac am poca, 's dh'fhalbh am màs as,
A' goid a' ghuail bhàrr nan càraichean,
Bha e math is bha e làidir,
Ach gheibh mi nise dronng 'na àite.

Nam biodh dòigh agam dheanainn dìchill,
Rachainn dhachaidh as na méinnean,
Gu na càirdean o'n bha iad dìleas,
'S chan fhaighinn tuilleadh ged gheibhinn dìleab.

Gur e mise a tha gu truagh dheth,
Toirt mo chùlthaobh ri àit' a' chruadail;
'S lìonmhor nàmhaid a rinn mi suas ris,
Gu fac' an saoghal nach eil mi suarach.