Òran Na Caillich

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O hì, o hà, gur cruaidh a' chailleach,
O hì, o hà, gur fuar a' chailleach,
Ho ró, ho rá, 's i ghràin a' chailleach,
Dh'fhàg mise 'nam amadan gòrach.


Ma théid mi gu féill, gu féisd no banais
Bidh ise làn eud, 's i féin aig baile;
'S ma bheir mi le sùgradh sùil air caileig,
Gur diomb agus falachd siud dhomhsa.

Mur ceannaich mi “tea”, chan fhiach mi m'fharraid,
A leigheas a cinn, 's i tinn a' gearan,
Cha dean i rium sìth, ach strìth is carraid;
'S ri cànran teallaich i 'n còmhnaidh.

Chan airgead, chan òr, cha stòr, cha trusgan
Chuir mis' air a tòir ri móran cuirteis;
Ach dalladh fo sgleò le seòrsa buidseachd --
'S ann agam tha 'n t-ùirsgeul air Seònaid.

Gun fhiacail 'na ceann, 's car cam 'na peirceall;
Nuair thogadh i greann an àm an fheasgair,
Gun teicheadh a' chlann, gach crann 's gach seisreach
Aig meud an eagail roimh 'gròigeis.

Gur tric 'san tigh-òsd' mi 'g òl nan drama,
Air teicheadh o Sheònaid tha 'n còmhnuidh 'talach;
Nam faighinn m'a sgòrnan ròp, 's cead tarruinn --
Eisd! Sin i a' chailleach an tòir orm.