Òran Na Tì
Tha gruaimean an diugh air m'aire,
Gruaimean is cuid dhe'n annas,
Gruaimean an diugh air m'aire,
'S bochd mar thug iad bhuam i.
'S a' mhaduinn an àm éirigh dhomh,
Gun dean mi 'n teine lasachadh,
'S a' phoit-ti cuir dreine rium,
'S e an éiginn a chuir bhuam i.
Mi rusladh feadh nan truinnsearan,
Feuch an faigh mi ti annta,
Cha do thachair siud ach dinnsear rium
'S le fìrinn 's i tha guailteach.
Cha b'ionnan 's mar a b'àbhaist
Nuair chuirinn làn mo chràig ann,
Cha bhiodh i idir làidir rium,
'S i chumadh blàth 's an fhuachd mi.
An diugh gu feum sinn spàinne rith'
'S bi cinnteach nach bi làn innte,
Ma theirgeas an “ration” dhuinn,
'S e chulaidh-dhrein an t-uaineal.
Bho 'n chaidh an ti a “rationadh”,
Chan eil sinn mar a b'àbhaist dhuinn,
Le òl a' “Phostum” ghrannda ud,
'S nach faigh sinn tàmh le bruaillean.
An “cocoa” mac an anraidh ud,
Chan fhiach a' bhlas no fhàileadh leam,
Ma nì sinn cupa thràigheadh dheth,
Cha mhath bhiodh móran bruichealachd.
Tha deochan neonach eile aca
Air nach eil móran eireachdais;
Cha chuir iad fiù an “cuff” oirnne
Ged dh'òladh teth no fuar iad.
Tha siùcair air a riaghladh oirnn,
An ti nas' lugh' na dh'iarramaid,
"Molasses" chan eil deur againn,
Nach gann bha iad thug bhuainn i.
Ach feuch am bi sibh cunntachail
Air na beagan unnsachan,
An t-iasad na biodh dùil ris,
Tha sinn air chùl, mo thruaighe.
Gu'm faic mi tric na boireannaich
A' falbh mu'n cuairt le barrain orr',
Tha cràdh bh'os cionn na màl' aca,
Chan annas dhaibh, mo thruaighe.
Ach 's còir dhomh sguir dhe'n earrail seo,
Ma's tionndaidh orm na boireannaich,
Airson gu'n d'fhuair mi 'm barran ac'
'S gun toir iad sgàl mu'n ghruaidh orm.